Ceist no dhà airson eòlas fhaighinn air Mobilizon…

Bun-bheachdan

Dè th’ ann an co-shaoghal?

Tha co-shaoghal a’ ciallachadh bathar-bog, ionstansan is dàta sam bith a ghabhas eadar-ghnìomhan ri chèile on a bhios iad a’ bruidhinn san aon chànan, ’s e sin pròtacal Activity Pub.

Is ciall dha seo gun cruinnich an co-shaoghal na cunntasan, tachartasan, ionstansan is acainnean eile aig a bheil comas gun lorg iad càch a chèile am broinn an aon cho-nasgaidh.

Tha diofar ann eadar an co-shaoghal agus co-nasgadh. Tha iomadh bathar-bog eadar-dhealaichte ann a chleachdas pròtacal Activity Pub: PeerTube, Mastodon, Mobilizon, FunkWhale is msaa.

Tha iad a’ bruidhinn san aon chànan agus ’s ann gum b’ urrainn dhaibh eadar-ghnìomhan a ghabhail le càch a chèile: mar sin, tha iad am broinn a’ cho-shaoghail.

Gu prataigeach, cha deach mòran dhe na h-eadar-ghnìomhan a ghabhadh a ghabhail a thoirt gu buil fhathast on a dh’fheumas sinn beachdachadh orra ’s am prògramachadh fhathast ach am bi iad ri fhaighinn sna bhatharan-bog. An uairsin, feumaidh sinn an sgaoileadh le ùrachadh nan stàlaidhean dhen bhathar-bhog air frithealaichean nan òstairean.

Nuair a leigeas solaraiche òstaidh leis an ionstans dhen bhathar-bhog aca eadar-ghìomhan a ghabhail le ionstans air òstair eile, stèidhichidh an dà ionstans sin a tha ceangailte ri chèile cuid bheag dhen cho-nasgadh.

Chan ann ’s gu bheil aon cho-nasgadh a-mhàin sa cho-shaoghal ach tha iomadh builgean co-nasgaidh ann a dh’fhaodas a chumail fa leth no a bhith co-cheangailte.

Dè th’ ann an òstair / solaraiche òstaidh?

’S e an neach no, mar as trice, am buidheann de dhaoine (comann, companaidh, urras is msaa.) a thairgeas seirbheis air loidhne a th’ ann an “solaraiche òstaidh”. Gu prataigeach, bidh frithealaiche aig na daoine sin air an do stàlaich iad bathar-bog (m.e. bathar-bog Mobilizon). ’S urrainn dhan mhòr-shluagh an stàladh seo dhen bhathar-bhog ris an can sinn “ionstans” inntrigeadh air loidhne mar làrach-lìn Mobilizon.

Mar sin, ’s urrainn dhan mhòr-shluagh an t-ionstans inntrigeadh is eadar-ghnìomhan a ghabhail leis is iadsan a’ cruthachadh cunntais, a’ foillseachadh tachartasan, a’ dèanamh deasbad is msaa. ann am buidhnean. ’S e fiosrachadh digiteach a tha sna gnìomhan sin uile, mar sin ’s e dàta a th’ annta a tha ’ga òstadh air clàr-cruaidh frithealaiche an òstair.

Tha òstair-lìn coltach ri uachdaran a dh’fhosgail an taigh aca dhan t-sluagh. ’S e an dreuchd a th’ aca gun dèan iad obair-ghlèidhidh air a’ bhun-structar (rianachd an t-siostaim) ach gun stèidhich is gun èignich iad riaghailtean ionadail cuideachd (maorsainneachd, rianachd) no fiù ’s gun dèan iad cinnteach gum bi dàimh chàirdeil ri sealbhadairean san nàbaidheachd ann ma chuireas an t-òstair roimhe gun dèan iad co-nasgadh leotha-san (poileasaidhean co-nasgaidh).

Dè a th’ ann an ionstans?

Nuair a stàlaicheas cuideigin Mobilizon air an fhrithealaiche aca, cruthaichidh iad ionstans de Mhobilizon. ’S e làrach-lìn a tha sin a tha ’ga gintinn ’s ’ga stiùireadh le bathar-bog Mobilizon.

Bheir an làrach-lìn Mobilizon sin comas dhan luchd-cleachdaidh gun cruthaich iad cunntas, buidhnean, tachartasan is msaa. Thèid an dàta a chruthachadh ’s a neadachadh air clàr-cruaidh frithealaiche an ionstans de Mhobilizon an uairsin. Seo as adhbhar gun can sinn òstadh ris cuideachd.

’S urrainn dhut beachdachadh air ionstans mar ionad coimhearsnachd no togalach fhlataichean. Stàlaichidh gach neach a chruthaicheas cunntas na sealbhan pearsanta (an dàta ’s an t-susbaint digiteach) aca san àite-fuirich. Gabhaidh gach buidheann a thèid a chruthachadh sealbh air seòmar coitcheann.

Dh’fhaoidte gun saoil luchd-cleachdaidh nan seòmraichean sin gur ann leothasan a tha an togalach… gidheadh, ’s ann aig an t-òstair a tha sna ballachan agus is easan a stèidhicheas na riaghailtean coitcheann agus na dòighean air an dèid an èigneachadh.

Poileataigs

Carson an do chruthaich sibh Mobilizon on a tha GetTogether / Demosphere / is msaa. ann? Dè an diofar eadar na h-acainnean sin?

Mus do chuir sinn romhainn dà bhliadhna a thoirt seachad air leasachadh Mobilizon, thug sinn sùil air na bha càch ris gu cùramach agus airson beachdachadh am bu chòir dhuinn cuideachadh a thoirt do phròiseact a bha ann mu thràth.

Tha acainnean stiùireadh thachartasan is bhuidhnean eile ri fhaighinn a tha inntinneach ach cha do lorg sinn fear sam bith a fhreagras ris gach feumalachd againne.

Bha sinn ag iarraidh bathar-bog saor le còd fosgailte a bhiodh co-naisgte le pròtacal ActivityPub, a dh’obraicheadh air sgèile mòr, le dealbhadh taobh a-muigh eaconamaidh nan siostaman aire agus a fhreagradh ri feumalachdan luchd-iomairt. Cha robh bathar-bog dhen leithid ann, mar sin rinn sinn fhìn e.

Chan eil sinn a’ tagairt gu bheil Mobilizon nas fheàrr na gin dhe na h-acainnean eile sin. Tha e a’ freagairt ri luchd-èisteachd, ri feumalachd. Tha sinn dhen bheachd gu bheil e math ma tha iomadh pròiseact eadar-dhealaichte ann. Dh’ionnsaich an calpachas dhuinn gum beachdaicheamaid air: “aon mhiann, aon fheumalachd, aon bhrannd”, ge b’ e an e sòda no nota beag buidhe steigeach a th’ ann. Tha sinn dhen bheachd gu bheil feum anns gach acainn agus chan eil sinn ag amas acainn ceannasach a dhèanamh de Mhobilizon.

Air deireadh na sgeòil, tha sinn dhen bheachd gun cuidich coopetition gun stèidhich acainnean saora is co-naisgte stannardan is gun solair iad pròtacalan is comasan cleachdaidh nas seasmhaiche.

’S e acainn a th’ ann an Mobilizon. A bheil seo a’ ciallachadh gu bheil e neo-phàirteach? Gun phoileataigs?

Chan eil.

Cha chreid sinn gu bheil acainn sam bith neo-phàirteach: bheir an dòigh air an deach acainn a dhealbhadh agus na lorgan a dh’fhàgas e sa chultar againn buaidh air ar giùlain. ’S ann air na h-adhbharan sin gun gluais ar làimh gu cas an sgriubhaire seach an taobh eile.

Tha Mobilizon ’ga leasachadh le Framasoft, seo comann Frangach airson foghlam poblach air cuspairean digiteach.

Tha Mobilizon na phàirt de dh’iomadh gnìomh a chruinnich comann Framasoft san iomairt againn air Contributopia. Tha na gnìomhan sin ag amas air roghainn eile de dh’acainnean digiteach a mholadh seach an fheadhainn a tha calpachas caithris a’ solar dhuinn ach an urrainn dhan fheadhainn dha nach frithealaich siostam dhen leithid rumannan airson an saorsa fhèin a chruthachadh.

A thoradh air sin, dh’fhaoidte nach còrd leasachadh Mobilizon agus/no stiùireadh nan làraichean a tha co-cheangailte ri Mobilizon (joinmobilizon.org, mobilizon.org, instances.mobilizon.org is msaa.) ris a h-uile duine (gu h-àraidh ris an fheadhainn aig a bheil barailean, ideòlas no cultar diofraichte).

Tha spèis againn air sin agus bu toigh leinn cur ’nar chuimhne gu bheil a h-uile bathar-bog aig pròiseact Mobilizon saor agus gun gabh a dhùblachadh agus leasachadh le buaidhean cultarach eile.

Cò leasaicheas dè ann am Mobilizon?

Tha Mobilizon ’ga leasachadh le Framasoft, seo comann Frangach airson foghlam poblach air cuspairean digiteach.

Dh’fhastaich sinn neach-leasachaidh, tcit, a tha ag obair air a h-uile pròiseact a bhios Mobilizon feumach air o chionn 2018:

  • Leasachadh ghleusan ùra agus obair-ghlèidhidh air a’ bhathar-bhog;
  • Beachdachadh mun ailtireachd is dealbhadh agus an t-àm ri teachd do Mhobilizon (còmhla ris an dealbhaiche Marie-Cécile Godwin Paccard);
  • Ullachadh thionndaidhean seasmhach ùra agus conaltradh (ticeadan, bloga, loga nan atharraichean is msaa.);
  • Cruthachadh is obair-ghlèidhidh air inneacs nan ionstansan de Mhobilizon;
  • Cruthachadh is obair-ghlèidhidh air docamaideadh Mobilizon;
  • Taic do phròiseactan Mobilizon is deasbadan orra air tracaichean bhugaichean, air a’ bhòrd-bhrath is air an t-seanail Matrix no air a’ phost-d;
  • Lèirmheasan air còd is filleadh a-steach nam pull requests/merge requests cho math ri taic do ghleusan a chaidh a chur ris le luchd-cuideachaidh on taobh a-muigh (càradh air bugaichean, docamaideadh, factorisation is msaa.);
  • Obair-ghlèidhidh air iomadh ionstans de Mhobilizon.

Nì tcit obair air pròiseactan taobh a-staigh Framasoft cuideachd. (Framagenda, Framapiaf, admin-sys is msaa.). Is ciall dha seo nach eil ann ach aonar ’ga fhastadh a stiùiricheas Mobilizon leis fhèin agus na pròiseactan uile an urra ris a bharrachd air obair eile a tha aige ri dhèanamh.

Cuiridh buill eile dhe Framasoft, an dà chuid air fhastadh is gu saor-thoileach, ri pròiseact Mobilizon cuideachd air iomadh dòigh (ro-innleachd, conaltradh, docamaideadh, leasachadh, togail coimhearsnachd).

’S ann nach eil Mobilizon ’ga leasachadh le startup, le sgioba de 50 daoine agus sruth-obrach workflow làn phròiseasan teanna.

Air an adhbhar sin, bheir e ùine ach an doir Framasoft piseach air a’ bhathar-bhog air an astar againn fhìn agus leis na dòighean neo-chumanta againn a shoirbhich gu math leinn gu ruige seo.

A bheil e fìor gun deach Mobilizon a dhealbhadh dhan luchd-iomairt? Am biodh e gu feum dhomh air adhbaran eile?

Chaidh Mobilizon a dhealbhadh mar acainn a fhreagras ri feumalachdan an luchd-iomairt sa chiad dol a-mach ach an urrainn dhaibh tighinn còmhla.

Is ciall dha sin gun do rinn sinn agallamhan le daoine a bheachdaicheas orra fhèin mar luchd-iomairt ach an tuigeamaid na dòighean digiteach aca agus gum beachdaicheamaid air an acainn a fhreagras ris na bhiodh iad-san an dùil air.

Ged a tha an dealbhadh againn ag amas air luchd-iomairt, cha chiall dha sin nach eil sinn deònach gun cleachd thu air adhbharan eile e. Tha sinn dhen bheachd ma tha acainn math gu leòr airson taic a thoirt do bhuidheann ach an cuir iad togail fianais air dòigh, bu chòir dha a bhith iomchaidh cuideachd do theaghlach a tha a’ cur cèilidh co-là breith air dòigh os ìosal 😉!

Los sgeul fada chur an giorrad, ge b’ e cò thusa, faodaidh tu Mobilizon a chleachdadh mar a thogras tu.

Carson nach eil Mobilizon nas coltaiche ri Facebook?

Cha deach Mobilizon a dhealbhadh mar “mharbhaiche Facebook”.

Tha sinn a’ tuigsinn dè cho cunnartach a dh’fhaodas e bhith nuair a thèid duilleag thachartasan airson cruinneachadh cathachail òstadh air Facebook, a tha ’na ùrlar lèir-shealbhach a bhrosnaicheas sgainnealan mu bheathannan prìobhaideach agus brathan-foill air barailean a’ mhòr-shluaigh. Gidheadh, chan eil ar acainnean ach beag an coimeas ris an fheadhainn a th’ aig na companaidhean-lìn mòra.

Tòisicheamaid le acainn nach dèan a h-uile càil ach a nì na nì e gu math. Seo acainn a chaidh a thogail air sàr-bhunait ’s a dh’fhaodas fàs le tabhartasan.

Chuir sinn romhainn gun doir sinn ar n-aire air feumalachdan sònraichte aig èisteachd sònraichte (luchd-iomairt) ach cha chùm seo coimhearsnachdan eile o chleachdadh Mobilizon air adhbharan eile. Sa cheann fhada, tha fainear dhuinn gun dèan sinn an t-acainn nas fhreagarraiche dhan èisteachd eadar-dhealaichte sin.

Chan eil sinn airson togsaigeachd Facebook ath-chruthachadh. Cleachdaidh calpachas caithris uidheamachd eaconamaidh na h-aire airson grèim fhaighinn air ar n-ùine, ar giùlain a ghlacadh agus sanasachd a sparradh oirnn.

Chan eil Mobilizon an eisimeil air modal gnìomhachais dhen leithid: tha cothrom againn gun cleachd sinn dòighean nas fheàrr agus eadar-dhealaichte.

A bheil “Mobilizon” ’na chomharra-malairt clàraichte?

Tha, tha “Mobilizon” ’na chomharra-malairt clàraichte aig Framasoft ann an iomadh dùthaich a chùm dìona.

Tha Framasoft a’ dearbhadh an-seo nach eil fainear dhuinn gun cleachdamaid seilbheachd innleachdail air tòir creiche no airson cleachdadh dligheach a’ bhathair-bhog a chuingeachadh. Air an làimh eile, tha Framasoft a’ glèidheadh na còrach gun èignich sinn clàradh a’ chomharra-mhalairt, gu h-àraidh ma tha ìomhaigh a’ phròiseict “Mobilizon” ’ga dhochann. Mholamaid gun cruthaich thu an dearbh-aithne dhigiteach agad fhèin às aonais “Mobilizon” air a’ phròiseact agad (ainm a’ bhathair-bhog, ainm na h-àrainne…) ach nach cuireadh daoine am breisleach cò tha air cùlaibh na làraich-lìn/a’ phròiseict.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic còd giùlain nan comharran-malairt againn.

Cleachdadh

Carson nach urrainn dhomh leantainn air pròifil no moladh dha mo charaidean gun lean iad air a’ phròifil agam air Mobilizon?

Chan urrainn air sgàth ’s nach e ùrlar meadhain shòisealta a th’ ann am Mobilizon.

Cleachdaidh na companaidhean teicneolais mòra siostaman a nì dèan brath-foill air ar fèin-spèis airson ar n-aire a ghlacadh. Tha an dòigh air a nochdas iad le àireamhan mòra co mheud daoine a tha “a’ leantainn” oirnn ’gar brìodail agus ’gar brosnachadh ach an rachadh sinn an sàs ann ’s gun cuireamaid ar beatha air na h-àrd-ùrlaran aca.

Faodaidh droch-dhìol a thighinn air daoine an cois an tracaidh a nì acainnean digiteach air an gnìomhachdan fhad ’s nach cuir a leithid ri feumalachd acainn stiùireadh thachartasan is buidhnean idir.

’S e na buidhnean seach daoine fa leth a tha aig cridhe Mobilizon.

Ciamar a gheibh mi ballrachd ann am buidheann?

Ann an tionndadh 1.1.0 de Mhobilizon, chan urrainn dhut inntrigeadh do bhuidheann iarraidh: tha am putan Faigh ballrachd ann am buidheann à comas air duilleag poblach gach buidhinn.

Gidheadh, tha sinn a’ sealltainn am putan seo (cuide ri teachdaireachd a mhìnicheas nach “fhaigh thu ballrachd ann am buidheann ach le cuireadh”) air sgàth ’s gu bheil fainear dhuinn an gleus seo a chur ris san àm ri teachd.

Ann an acainn co-naisgte, thig iomadh dòigh cleachdaidh iom-fhillte an lùib prògramachadh a’ phutain sin. Tha sinn feumach air ùine fhathast airson a dhèanamh mar bu chòir.

San eadar-àm, nach cuir thu beachd ri tachartas poblach a’ bhuidhinn a dh’innseas dhaibh gum bu toigh leat cuireadh fhaighinn?

Cò tha an urra ris an t-susbaint a thèid fhoillseachadh air Mobilizon?

Chan e ùrlar meadhanaichte a th’ ann am Mobilizon: ’s e aplacaid bathair-bhog a th’ ann. Leigidh e le solaraiche òstaidh làrach-lìn a chruthachadh a chùm stiùireadh thachartasan is bhuidhnean. Canaidh sinn ionstans de Mhobilizon ri làrach-lìn dhen leithid.

’S e an cleachdaiche a dh’fhoillsicheas susbaint mhì-laghail no droch-shusbaint a bhios as coireach dhi fon lagh sa chiad dol a-mach.

Gidheadh, a-rèir laghan na dùthcha sa bheil an t-ionstans de Mhobilizon stèidhichte, dh’fhaoidte gu bheil an t-òstair as coireach còmhla a thaobh susbaint mhì-laghail sam bith air an làrach-lìn aca.

Mar eisimpleir, san Fhraing, bidh òstair sam bith a gheibh fios air slighe iomchaidh na còrach mu shusbaint a tha mì-laghail gu follaiseach as coireach còmhla mura gabh iad ceuman gus an t-susbaint a dhì-fhoillseachadh cho luath ’s a ghabhas.

On a tha e saor, am faod mi ràdh na thogras mi? Can, stuth mì-laghail cuideachd?

Cha chiall do shaorsa nach biodh tu fo bhuaidh an lagha! Faodaidh gach ionstans de Mhobilizon na teirmichean is cumhaichean cleachdaidh aige fhèin a stèidheachadh fhad ’s a ghèilleas gad ris an lagh a bheir buaidh orra.

Mar eisimpleir, chan eil susbaint a dh’àicheidh An t-Olocost ceadaichte san Fhraing agus gabhaidh aithris dha na h-ùghdarrasan. Bheir Mobilizon comas do luchd-cleachdaidh an eadar-lìn gun dèan iad gearan mu dhroch-shusbaint dha na daoine a tha ag òstadh an t-ionstans agus feumaidh gach solaraiche òstaidh maorsainneachd a dhèanamh an uairsin a-rèir nan teirmichean cleachdaidh aca agus an lagha.

Leigidh an siostam co-naisgte leis na h-òstairean co-dhùnadh a dhèanamh dhaibh fhèin cò ris a bu toigh leatha co-nasgadh a dhèanamh is cò a sheachnaicheas iad a-rèir nan seòrsaichean de shusbaint no poileasaidhean na maorsainneachd chàich.

Ciamar a chuidicheas Mobilizon mi le eagrachadh a’ bhuidhinn agam?

Chaidh gleusan Mobilizon a dhealbhadh ach am freagair iad ri feumalachdan bhuidhnean a bu mhiann leotha am fèin-eagrachadh gu prìobhaideach fhad ’s a bhios iad ann gu poblach fhathast.

Tha seo ’ga thoirt dhut le iomadh acainn a tha poblach no prìobhaideach dhan bhuidheann:

  • (poblach) duilleag taisbeanaidh a’ bhuidhinn, a’ gabhail a-staigh tuairisgeul cho math ri tachartasan is tiocaidean poblach;
  • (poblach no prìobhaideach) acainn foillseachadh thachartasan;
  • (poblach no prìobhaideach) acainn airson postaichean fhoillseachadh, coltach ri meanbh-bhloga;
  • (prìobhaideach) acainn airson deasbad sa bhuidheann, coltach ri roinn-seòrsa bùird-bhrath;
  • (prìobhaideach) eòlaire le ceanglaichean a tha feumail dhan bhuidheann, le inntrigeadh dìreach gu acainnean co-obrachail.

Tha na h-acainnean seo ann ach nach biodh na h-iomairtean agaibh cuingichte air taga hais is cruinneachadh agus bheir seo an comas dhuibh gun cruthaich sibh coimhearsnachd agus gum brosnaich sibh daoine ach an dèanadh sibh nithean còmhla.

Ciamar a bhrosnaicheas mi na tha mi ris is cò th’ annam air Mobilizon?

Thoir an aire: mas e àrdachadh, sluagh-chòrdadh, dol bìorail, cliù, goileam is msaa. a tha fainear dhut, cha chreid sinn gur e Mobilizon a tha san acainn cheart dhut.

Leigidh Mobilizon leat tachartasan fhoillseachadh agus nithean a chur air dòigh am broinn buidhnean (a’ gabhail a-staigh deasbadan, àite airson ceanglaichean a cho-roinneadh agus foillseachadh thiceadan).

Chan e ùrlar meadhain shòisealta no acainn conaltraidh bìorail a th’ ann am Mobilizon: bu chòir dhut beachdachadh air mar rùm neo-eisimeileach dhan bhuidheann agad agus ’s urrainn do bhuill a’ bhuidhinn leantainn air susbaint ùr ann.

Ma tha thu airson aire a thoirt air tachartas no post a dh’fhoillsich am buidheann agad air Mobilizon, b’ fheàirrde thu an ceangal a cho-roinneadh air meadhanan sòisealta a tha ann, air liostaichean puist no le dòighean conaltraidh shòisealta eile.

Goireasan

Ciamar a chuidicheas mi le Mobilizon mur eil comas prògramachaidh agam?

’S e an dòigh as fhasa gun dig thu a bhruidhinn rinn ann an rùm Mobilizon air a’ bhòrd-bhrath againn.

Thoir an aire nach e companaidh teicneolais eadar-nàiseanta a th’ annainn no fiù ’s startup ach comann le nas lugha na 40 ball (a nì pròiseactan eile aig an aon àm cuideachd). Na gabh dragh mura faigh thu freagairt uainn sa bhad. Èistidh sinn riut!

Ciamar a chuireas mi ri còd Mobilizon?

Sa chiad dol a-mach, feumaidh tu a bhith eòlach air Git agus Elixir. Mur eil càil a dh’fhios agad cò air a tha sinn a-mach, chan eil am pròiseict deis airson gabhail ris a’ chòd agad fhathast. Tha sinn duilich mu sin!

Ma tha thu eòlach air na h-innealan sin, cha leig thu leas ach tadhal air ionad-tasgaidh a’ bhathair-bhog agus issue no fork dhen ionad-tasgaidh a chruthachadh airson an tabhartas agad a mholadh.

Gu nàdarra, tha e nas fheàrr bruidhinn ri chèile mus tòisich thu air an obair. ’S urrainn dhut an seòmar Matrix againn a chleachdadh airson sin.

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi Mobilizon a chleachdadh?

Gheibh thu leabhar-mìneachaidh dhan luchd-cleachdaidh Mobilizon an-seo.

Mura lorg thu freagairt dhan cheist agad ann no ma tha thu dhen bheachd gu bheil fiosrachadh a dhìth, thig a bhruidhinn rinn air bòrd-brath an luchd-cuideachaidh againn.

Ciamar a stàlaicheas mi Mobilizon air an fhrithealaiche agam?

Tha sinn a’ mìneachadh an dòigh a mholamaid san docamaideadh againn air mar a stàlaicheas tu Mobilizon air an fhrithealaiche agad.

Cuiridh sinn ris an docamaideadh sin nuair a gheibh sinn cuideachadh le glèidheadh dòighean stàlaidh eile (Docker, mar eisimpleir)

Ciamar a nì mi clàradh?

Sa chiad dol a-mach, feumaidh tu ionstans de Mhobilizon a lorg, ’s e seo làrach-lìn Mobilizon a stàlaich òstair air frithealaiche.

Gheibh thu ar roghadh is taghadh de dh’ionstansan air mobilizon.org. Thoir an aire gu bheil an roghainn seo stèidhichte air na beachdan againn fhèin nach eil a-rèir na bhios freagarrach dhut-sa ma dh’fhaoidte.

Gheibh thu liosta nas coileanta de dh’ionstansan poblach dhe Mhobilizon air an duilleag seo.

Airson deagh thaghadh a dhèanamh air an ionstans agad de Mhobilizon, leugh an duilleag “mu dhèidhinn” aige. Bu chòir dhan duilleag sin innse dhut cò tha ag òstadh an ionstans agus carson agus dè na cumhaichean a th’ air.