Mobilizon

Cruinnich Cuir air dòigh Iomair

Acainn prataigeach

’S e acainn a th’ ann am Mobilizon a chuidicheas thu ach an lorg, an cruthaich ’s an cuir thu air dòigh tachartasan.

’S urrainn dhut duilleag a chruthachadh dhan bhuidheann agad cuideachd far an urrainn dha na buill nithean a chur air dòigh còmhla.

Roghainn bheusail

’S e roghainn bheusail seach tachartasan, buidhnean is duilleagan Facebook a th’ ann am Mobilizon is chaidh a dhealbhadh air do shon-sa. Sin agad e.

Gun ’S toigh leam, gun luchd-leantainn, gun bhalla gun chrìoch ri sgroladh: ’S ann dhut-sa a bheir Mobilizon an smachd air d’ aire.

Bathar-bog co-naisgte

Chan e mòr-ùrlar a th’ ann am Mobilizon ach pailteas de làraichean-lìn Mobilizon a tha co-cheangailte ri càch a chèile.

Cuidichidh an ailtireachd cho-naisgte ach an seachnamaid lèir-shealbhachd agus bheir i iomadachd de theirmichean seirbheise òstaidh dhut.

Dè th’ ann am Mobilizon?

’S e acainn air loidhne a th’ ann am Mobilizon a chuidicheas thu le stiùireadh nan tachartasan, nam pròifilean is nam buidhnean agad.

Tachartasan

’S urrainn dhut duilleag mhionaideach air an tachartas agad a chruthachadh air Mobilizon, a foillseachadh ’s a co-roinneadh.

’S urrainn dhut cuideachd tachartasan a lorg a-rèir abairt, àite no ceann-latha, pàirt a ghabhail ann an tachartasan (fiù ’s gun fheum air cunntas) agus an cur ris a’ chlàr-ghnothaich agad.

Pròifilean

Ma shuidhicheas tu cunntas air ionstans de Mhobilizon, ’s urrainn dhut iomadh pròifil a chruthachadh (can: pearsanta, proifeiseanta, cur-seachadan, iomairtean is msaa.), tachartasan a chur air dòigh agus buidhnean a stiùireadh.

Mus cruthaich thu cunntas air ionstans, faigh a-mach mar a tha an t-ionstans ud ag obair is leugh an duilleag “mu dhèidhinn” aige ach an tuig thu na riaghailtean is poileasaidhean aige-san.

Buidhnean

Air Mobilizon, bidh duilleag poblach aig gach buidheann far an urrainn dhut sùil a thoirt air na postaichean is tachartasan poblach as ùire aig a’ bhuidheann.

Nuair a gheibh iad cuireadh do bhuidheann, ’s urrainn dha na buill pàirt a ghabhail sna deasbadan agus pasgan co-roinnte de ghoireasan a stiùireadh (can ceanglaichean gu inneal sgrìobhaidh co-roinnte, uicidh is msaa.)

Chan atharraich sinn an saoghal le Facebook. Cha chruthaich calpachas caithris ’an acainn a bu chaomh leinne air sgàth ’s nach fhaigheadh iad prothaid às.
Thàinig an t-àm airson rud nas fheàrr a thogail le dòighean diofraichte.

Acainn saor le dealbhadh eadar-dhealaichte

Chaidh Mobilizon a dhealbhadh mar acainn prataigeach a bheir spèis air d’ aire, air d’ fhèin-ùghdarras ’s air do shaorsa.

A’ caomhnadh d’ aire

Chan e meadhan sòisealta no cur-seachad a th’ ann am Mobilizon: ’S e acainn a th’ ann. Chan fhaigh thu gleusan mar cunntairean air fo-sgrìobhaidhean, putan “’S toigh leam” no ballachan fiosrachaidh le sgroladh gun chrìoch.

Tha dealbhadh Mhobilizon ag amas d’ aire a shaoradh on mhiann gun cuireadh tu thu fhèin air àrd-ùrlar. Leigidh seo leat d’ aire a chumail air na tha cudromach: stiùireadh nan tachartasan, nam buidhnean is nan iomairtean agad.

Iomadachd le co-nasgadh

’S e bathar-bog co-naisgte a th’ ann am Mobilizon: ’s urrainn do dh’òstairean a stàladh air frithealaiche airson ionstansan a chruthachadh a tha ’nan làraichean-lìn Mobilizon. Gabhaidh ionstansan de Mhobilizon an co-nasgadh ach an urrainn do phròifil a chaidh a chlàradh air an dàrna ionstans pàirt a ghabhail ann am buidheann a chaidh a chruthachadh air an ionstans eile.

On a tha iomadh dhiubh ann, gabhaidh iomadh cumhaichean òstaidh a thoirt dhut (riaghladh, teirmichean na seirbheise, còraichean) agus seachnaidh sinn gun rachadh ùrlaran lèir-shealbhach a chruthachadh.

Spèis air do shaorsa

’S e bathar-bog saor a th’ ann am Mobilizon. Is ciall dha seo gu bheil am bun-tùs follaiseach, gun gabh lèirmheas poblach a dhèanamh air agus nach eil gleusan falaichte ann.

Tha an còd ’ga thogail leis a’ choimhearsnachd agus faodaidh duine sam bith gobhal dheth a chruthachadh agus am pròiseact a thoirt gu amasan ùra.

Tha e an urra riut fhèin

Cò tha air cùlaibh Mobilizon?

’S e bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte a th’ ann am Mobilizon a tha ’ga ghlèidheadh ’s ’ga mhaoineachadh le Framasoft, buidheann neo-phrothaideach Frangach.

Chaidh an comann a stèidheachadh ann an 2004 is tha e ag amas foghlam a thoirt dhan mhòr-shluagh mu dhùbhlain na h-aoise digitiche. Tha am buidheann beag againn (nas lugha na 40 ball, nas lugha na 10 luchd-fhastaidh) cliùiteach airson a’ phròiseact “De-google-ify Internet” agus ag òstadh 34 acainn beusail air loidhne airson roghainn eile a thoirt dhut. Tha am buidheann aithnichte ’na chùis ùidhe choitcheann agus còrr is 90% dheth ’ga mhaoineachadh le tabhartasan is tha e ceadaichte tabhartasan a chur an aghaidh chìsean nuair a bhios tu a’ pàigheadh cìsean san Fhraing.

Mar as trice a thèid am bathar-bog againn a chleachdadh ’s a gheibh e taic, ’s ann as motha de dhaoine a chleachdas e ’s a chuireas ris agus ’s ann as luaithe a thèid e na dheagh roghainn eile airson ùrlaran mar Facebook Events no Meetup.

Support Framasoft

Because freedom doesn’t mean it’s free…

Framasoft is a not-for-profit which can only keep running thanks to your donations. Do you like what we do? Do you think we’re going in the right direction? If so, and you’re able to make a donation, we’d very much appreciate it!

1. I want to give to Framasoft

2. I complete my information

I represent

In France, thanks to the tax deduction of 66%, your donation of €50 will cost you only €17.

3. I access the payment

Questions

  • Recurring donations can be stopped anytime, just ask us.
  • If you want to modify your recurring donation, please contact us, we will stop the current one and you will be able to make a new one.
  • Tax receipts (in France only) are sent by postal mail in March/April 2025 (before tax declaration) for 2024 donations
  • Financial and activity reports can be found on the not-for-profit page
  • If you have more questions, you may find answers there